Tha an dàn-thuras a’ tòiseachadh an seo
Rach a-steach gu saoghal nam micro-bhitheagan!
Lean na diofar ghnìomhan agus faigh a-mach tuilleadh mu bhacteria, mar a bhios iad gar fàgail tinn, agus mu carson a tha bacadh an aghaidh anti-biotaigean na thrioblaid cho mòr.
Faodaidh tu a dhol tron dàn-thuras ceum air cheum. Air neo, faodaidh tu na cuspairean a rannsachadh ann an òrdugh sam bith.
’S tu fhèin a tha aig an stiùir! 😃
1: Dìomhaireachd na Beatha 🧬
Ciad Sùil air Beatha – Faigh a-mach dè an coltas a tha air ceallan bhacteria, lusan agus ainmhidhean.
Loidhne-tìm mean-fhàs – Eadar toiseach tìm agus an Sròn-adharcach Dubh Siarach mu dheireadh ann an Afraga.
2: Ciad Sùil air Micro-bhith-eòlas 🔬
Dè th’ ann am Micro-bhith-eòlas ma-thà? - Tha saoghal falaichte ann nach fhaic sinn leis an t-sùil a-mhàin … cliog an seo agus faigh a-mach mu mhicro-fhàs-bheairtean!
Dè cho beag ’s a tha sinn a’ bruidhinn air? - An tomhais thu dè na fàs-bheairtean as motha agus dè an fheadhainn as lugha?
Trobhad ’s coinnich Bacteria - Tha bacteria am measg nan nithean beò as bitheanta agus as cudromaiche air a’ phlanaid. Cliog agus can hallò!
Taobh a-staigh Bhacteria - ’S dòcha nach eil coltas sònraichte orra bhon taobh a-muigh, ach air an taobh a-staigh tha iad mar fhactaraidh le diofar phàirtean ’s iad uile ag obrachadh còmhla.
3: Saoghal Micro-bhitheagach 🦠
Daoine: Buffet ‘Ith do leòr’ - Faigh a-mach barrachd mu na bacteria a tha beò annainn agus oirnn agus a tha gar cumail fallain.
’S e Geama Àireamhan a th’ ann - Ionnsaich mar a bhios bacteria a’ fàs, agus mar as urrainn dhaibh an t-uabhas cheallan a dhèanamh ann am beagan uairean a thìde...
Thoir Fàs air na Micro-bhitheagan agad fhèin – Seall air na bacteria a tha air do chraiceann agus a tha beò nad bheul, nad chluasan agus nad shròin – agus a tha air sgrion salach a’ fòn-làimhe agad.
Micro-bhitheagan agus an Àrainneachd - Tha àite cudromach aig bacteria san dòigh sa bheil a’ phlanaid againn ag obrachadh – faigh a-mach dè th’ ann.
4: Nuair a bhios bacteria gar fàgail tinn 🤒
Galaran bacterialach - Dè dìreach a bhios a’ tachairt nuair a bhios sinn a’ fàs tinn?
Slàinteachas – Faigh a-mach mar a chuireas tu stad air sgapadh mhicroban millteach le bhith a' nighe do làmhan agus a' làimhseachadh biadh gu sàbhailte.
Timeline ‘R’ Us - Rannsaich galaran sgriosail tro na linntean, cuide ri nuadh-lorgan saidheansail a chuidich gus smachd fhaighinn orra.
Peilearan Seunta - Faigh a-mach mar a tha anti-biotaigean ag obrachadh agus mar as urrainn dhuinn an cleachdadh airson galaran a leigheas.
Dèan quiz nan Emojithean - Dè na seòrsaichean anti-biotaigean a tha ann? Dè bhios iad a’ dèanamh? Carson a tha ainmean cho toinnte orra?
5: Bacadh an aghaidh anti-biotaigean 💊
Bacadh an aghaidh Anti-biotaigean – Gu h-obann, chan obraich na leigheasan againn an aghaidh galarachadh bacterialach.
Mar a bhios Bacadh an aghaidh Anti-biotaigean a’ sgapadh - Faigh a-mach mar a bhios sàr-bhitheagan a’ nochdadh agus a’ sgapadh am measg dhaoine agus air feadh an t-saoghail.
Mòr-sgaoileadh Cruinneil - Rannsaich an coltachadh airson tuigsinn mar as urrainn galaran sònraichte mòr-sgaoileadh sgriosail adhbharachadh.
6: Banachdaich 💉
Ciad Sùil air Eòlas Dìon-Bodhaig – Sùil fharsaing air mar a tha na siostaman dìon-bodhaig againn a’ sabaid ghalaran.
Banachdaich – Fiosrachadh agus gnìomhan a bharrachd ri priontadh agus ri cumail.
7: Tuilleadh Stuth! 🖨️
SuperbugsWordle - Feuch am fuasgail thu an 'Wordle' le cho beag ’s a ghabhas de dh’oidhirpean.
Luchdachaidhean a-nuas - Fiosrachadh agus gnìomhan a bharrachd ri phriontadh agus ri chumail.
➡️ Nad Neach-saidheans
Tha feum aig an t-saoghal air luchd-saidheans – ach dè dìreach a bhios iad a’ dèanamh?
➡️ Sgeulachdan
Leugh na sgeulachdan annasach air cùl cuid de na nuadh-lorgan as cudromaiche ann an saidheans agus lèigh-eòlas ann an eachdraidh an t-saoghail. Còrdaidh iad riut.