Micro-bhitheagan agus an Àrainneachd
’S e bacteria na nithean beò as cudromaiche air a’ phlanaid.
Chan e dìreach gum bi iad a’ fàs oirnn. Agus annainn.
Tha bacteria agus micro-fhàs-bheairtean eile anns an àrainneachd a tha timcheall oirnn, agus tha obraichean gu math cudromach aca!
Thoir sùil gu h-ìosal agus faigh a-mach tuilleadh.
Cearcall nitrogen
Tha naitridean na eileamaid deatamach airson gach cruth beatha.
Feumaidh sinn e airson DNA agus pròtainean a dhèanamh – bun-bhlocaichean togail na bodhaig.
Is e nitrogen a th’ ann an 78% de dh’ àile na Talmhainn agus den adhar a bheir sinn anail (samhla ceimigeach: N ) - gas gun dath, gun bholadh agus gun bhlas. Ach chan urrainn dha ar cuirp a chleachdadh san fhoirm seo. An àite sin, tha feum air a’ ‘chearcall nitrigin’ gus nitrigin a dhèanamh ruigsinneach dhuinn. Tha
Tha àite gu math cudromach aig bacteria sa phròiseas seo. Thoir sùil air na bhidiothan eadar-obrachail gu h-ìosal agus faigh a-mach ciamar!
Cuairt Carbon
Tha a’ bheatha gu lèir air an talamh stèidhichte air carbon.
Tha bun-bhlocaichean togail ar ceallan agus ar bodhaigean air an dèanamh gu lèir de charbon (samhla ceimigeach: C). Le seo, tha carbon gu math cudromach. Ach cò às a tha sinn ga fhaighinn?
Bidh daoine a’ faighinn carbon bhon daithead aca – na tha sinn ag ithe. Bidh agus ainmhidhean eile, agus lusan (measan, glasraich ’s msaa). Bidh sinn an uair sin a’ cleachdadh a’ charbon airson blocaichean-togail nan ceallan againn a dhèanamh, agus airson lùth a thoirt dhuinn tro analachadh.
Le analachadh tha sinn a’ cur a-mach carbon dà-ogsaid (CO₂). Coimhead air a’ bhidio agus faigh a-mach mar a bhios a’ chuairt carbon a’ cleachdadh a’ charbon dà-ogsaid seo, airson gum bi carbon ann dhuinn an-còmhnaidh.
Am faic thu far a bheil na micro-fhàs-bheairtean cudromach?
Bidh bacteria cuideachd a’ dèanamh analachadh, agus a’ leigeil CO₂ dhan èadhar airson a’ chuairt carbon a chumail a’ dol.
Tha na bacteria as cudromaiche airson seo beò san ùir, far am bi iad a’ lobhadh fhàs-bheairtean marbh, agus anns a’mhuir. Tha milleanan de cheallan bacterialach ann an grunnan bhoinneagan de shàl.
FAIC SEO!! Nam b’ urrainn dhut cuideam a h-UILE nì beò sa mhuir a thomhas, ’s e bacteria a bhiodh ann an ¾ (trì chairteal) den chuideam gu lèir!
➡️ Galaran bacterialach
Dè dìreach a bhios a’ tachairt nuair a bhios sinn a’ fàs tinn?