Dè tha’ ann an Eòlas Dìon-bodhaig ma-thà?
Nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson galarachadh a shabaid.
San dàn-thuras gu ruige seo, tha thu air ionnsachadh mu mhicro-bhitheagan, mar as urrainn dhaibh galaran adhbharachadh, agus mar as urrainn dhaibh bacadh fhaighinn an aghaidh anti-biotaigean. 🦠🤒💊
Ma tha sinn airson casg a chur air sgaoileadh ghalaran agus piseach a thoirt air cor beatha gach duine, tha grunn rudan sìmplidh as urrainn dhuinn uile a dhèanamh. Saoilidh tu gu bheil iad furasta ach aig ìre chruinneil tha e doirbh an coileanadh, gu h-àraidh ann an dùthchannan le teachd-a-steach ìosal no meadhanach:
Cothrom air uisge glan 🚰
Slàinteachas nas fheàrr do dhaoine agus do dh’ainmhidhean 🛁
Diagnosadh nas fheàrr agus nas luaithe air galarachadh 🔬
Leigheasan cuimsichte, a’ gabhail a-steach anti-biotaigean nuadh 👩🏽🔬
Feum nas fheàrr de na h-anti-biotaigean a tha ann mu thràth 💊
Agus mu dheireadh, ach gu cudromach, banachdaich a thoirt an aghaidh ghalaran a ghabhas casg 💉
Airson gun tuig sinn banachdaich, feumaidh sinn rannsachadh a dhèanamh an toiseach air an t-siostam dìon-bodhaig agus na tha e a’ dèanamh.
Dè th’ ann an eòlas dìon-bodhaig?
’S e sgrùdadh air siostam dìon na bodhaig a th’ ann an eòlas dìon-bodhaig.
Tha an siostam dìon-bodhaig gar dìon bho ghalarachadh ann an diofar dhòighean. Tha am facal ‘immune’ a’ ciallachadh gu bheil thu air do dhìon an aghaidh galar – leis gun robh galar dhen aon sheòrsa ort roimhe, no le banachdach.
Rinn Eideard Jenner obair thùsail san 18mh linn a thug dhuinn mu dheireadh thall na banachdaich a th’ againn an-diugh (’s dòcha gun do shàbhail banachdaich beatha barrachd dhaoine na adhartas sam bith eile ann an lèigh-eòlas). Thug eòlas dìon-bodhaig atharrachadh mòr air lèigh-eòlas an latha an-diugh
Tha eòlas dìon-bodhaig a’ sìor leasachadh tuigse air mar a ghabhas cùisean slàinte a dhiagnosadh agus a leigheas, eadar galarachadh agus at agus aileirdsidhean agus fèin-dìon-bodhaig (nuair a bhios an siostam dìon-bodhaig agad a’ toirt ionnsaigh air na buill-bodhaig agad fhèin), agus fiù ’s aillse, tinneas-cridhe agus seargadh-inntinn.
An siostam dìon-bodhaig
Tha an siostam dìon-bodhaig na shiostam coimpleacs de shructaran ’s de phròiseasan a tha air atharrachadh airson dìon a thoirt dhuinn bho ghalarachadh le bhìorasan, bacteria agus parasaitean. 🦠🪱
Tha pàirtean moileciuileach agus ceallach anns an t-siostam dìon-bodhaig. Tha am fuincsean aca air a roinn ann an dòighean-obrachaidh a tha dualach (nàdarra) do fhàs-bheairt, agus ann am freagairtean a tha freagrachail do ghalar-ghineanan sònraichte
Faigh a-mach mu dìon-bodhaig dualach an seo.
Faigh a-mach mu dìon-bodhaig freagrachail an seo.
Airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air obair an t-siostam dìon-bodhaig, cliog air an dealbh gu h-ìosal agus coimhead deagh bhidio air Vimeo (a’ fosgladh ann an uinneag ùr).
➡️ Banachdaich
Faigh a-mach dè th’ ann am banachdaich agus mar a bhios iad ag obair