’S e Geama Àireamhan a th’ ann

Ionnsaich mar a bhios bacteria a’ fàs.

Mar as trice tha pàrantan 20-40 bliadhna nas sine na an cuid chloinne.

Faodaidh an ùine eadar ginealaich hamstairean 🐹 a bhith cho goirid ri 6 seachdainean, agus do mhosgìotothan 🦟, 10 lathaichean

Do bhacteria E. coli 🦠 , chan eil e a’ toirt ach 20 mionaid!

Bidh bacteria ag iomadachadh le bhith gan roinn fhèin ann an dà chealla co-ionann ris an canar ‘ceallan nighinn’. Le sin, ma thòisicheas tu le 1 chealla bacterialach, agus ma bheir thu dha gach nì a dh’fheumas e airson fàs (siùcar, salann, uisge, agus mathachas sònraichte mar searbhagan amino), bidh 2 bhacterium agad an ceann 20 mionaid.

An dèidh 20 mionaid eile bidh 4 bacteria agad, agus an dèidh 20 mionaid eile bidh 8 bacteria agad.

Tha an àireamh de cheallan E. coli a’ dùblachadh gach 20 mionaid, agus le sin bidh bacteria a’ fàs pailt gu luath… Seall air a’ ghraf agus faic na tha seo a’ ciallachadh thar ùine nas fhaide

Bidh an àireamh de cheallan E. coli a’ dùblachadh a h-uile 20 mionaid, agus tha sin a’ ciallachadh gum faod bacteria àrdachadh ann an àireamh gu math luath... Thoir sùil air a’ ghraf agus faic dè tha seo a’ ciallachadh thairis air amannan nas fhaide!

Fàs bacteria E. coli, a’ tòiseachadh le aon chealla aig 9:00 uairean. Tha an x-axis aig a’ bhonn a’ sealltainn na h-uair, agus tha an y-axis gu clì a’ sealltainn àireamh nan ceallan bacterialach. ’S e “fàs eagspoineinsial” a chanas sinn ris an dòigh sa bheil an graf a’ fàs nas caise agus nas caise.

Thar ùine, tha na ceallan beaga bìodach nach fhaic thu gun mhaicreasgop a’ fàs nan cnap de bhacteria a tha a’ dèanamh spot faicsinneach, “coloinidh”, air pleit agar.

Tha gach coloinidh bacterialach mar seo a’ tòiseachadh le aon bhacterium air leth. San dòigh seo tha e furasta cia mheud bacterium a bh’ agad aig toiseach na deuchainn a chunntais.

Smaoinich a-nis gun do thòisich thu deuchainn agus gun do chuir thu aon bhacterium air pleit agar aig 9:00 sa mhadainn.

Tha fios againn mu thràth gum biodh 8 bacteria agad aig 10:00. Ach cia mheud a bhiodh agad aig 12:00, aig 16:00, aig 21:00? 🤔

Cia mheud a bhiodh agad aig 6:00 an-ath-mhadainn, nam biodh rùm gu leòr agus mathachas gu leòr aig na bacteria airson cumail orra gan roinn fhèin? ⏰


Feuch am freagair thu na ceistean a leanas.

Cliog air na brataich gu h-ìosal airson Quiz bheag a dhèanamh:


➡️ Thoir Fàs air na Micro-bhitheagan agad fhèin

Seall air na bacteria a tha air do chraiceann agus a tha beò nad bheul, nad chluasan agus nad shròin – agus a tha air sgrion salach a’ fòn-làimhe agad.