
Iomadachd Bhacterialach

Trobhad ’s coinnich bacteria!
Tha bacteria nam fàs-bheairtean prokaryotic, agus tha feadhainn ann de gach cruth agus meud.
Tha cuid coltach ri Wotsits, tha cuid cruinn mar bhall, agus tha cuid lùbach. Faodaidh iad a bhith nam bacteria singilte no faodaidh iad a dhol nan sreathan no nam badan.
Gu tric canar ‘bacillus’ ri slat, no ‘bacilli’ san iolra. ’S e ‘coccus’ a th’ air bacterium cruinn, no ‘cocci’ ma tha barrachd is aon ann.
Faic cuid de na cruthan bacterialach as cumanta gu h-ìosal. Cliog air na dealbhan airson faighinn a-mach dè na seòrsaichean bhacteria a bhios a’ fàs anns na cruthan sin.
Saoil dè na nithean làitheil a tha iad coltach ris?
Cliog an seo gus an Superbug Story for Kids againn a luchdachadh sìos mar PDF .
Gnìomh Dachaigh/Clas
Carson nach fhaigh thu bailiùnaichean ’s nach feuch thu dè na cruthan bacteria as urrainn dhut a dhèanamh?
Faigh pinn agus thoir pearsantachd dhaibh.
No, nach cleachd thu stuthan eile – mar play-doh? No, dè mu dheidhinn briosgaidean ann an cruth Shàr-bhitheagan a dhèanamh??
Tog dealbh de na h-oidhirpean as fheàrr agad agus cuir thugainn iadiad!
➡️ Taobh a-staigh Bhacteria
’S dòcha nach eil coltas sònraichte orra bhon taobh a-muigh, ach air an taobh a-staigh tha iad mar fhactaraidh le diofar phàirtean ’s iad uile ag obrachadh còmhla!