Banachdaich

Buadhachadh lèigh-eòlas nuadh agus saidheans. 💉

Bidh banachdaich a’ dèanamh rud uabhasach tapaidh. 🤓

Bidh iad a’ gabhail a’ chothroim air a’ chomas a th’ aig an t-siostam dìon-bodhaig cuimhne a chumail air galar a bh’ ann roimhe, agus bidh iad a’ leasachadh ‘dìon-bodhaig bacaidh’ – dìon an aghaidh a bhith a’ gabhail an aon ghalair a-rithist

Bidh banachdaich a’ feuchainn ri freagairt fhaighinn bhon t-siostam dìon-bodhaig a tha glè choltach ri no fiù ’s nas fheàrr na freagairt an t-siostam dìon-bodhaig don ghalar fhèin.

Dh’fhaodadh seo a bhith na làn-dhìon, a’ ciallachadh sa mhòr-chuid de chùisean nach fhàs thu tinn idir nuair a ghabhas tu galar. Mas e pàirt-dhìon a th’ ann, chan fhàs thu cho tinn ri neach nach d’ fhuair banachdach.

Airson amasan na banachdaich a choileanadh, tha dà phrìomh roghainn ann:

  1. Gu tric gheibh thu riochd sàbhailte, beò, (‘air a thanachadh’) den ghalar-ghinean thùsail nach dèan cron ort, a tha fhathast ag adhbharachadh galarachadh beag (ach gu tric cha bhi thu fiù ’s a’ mothachadh dha).

  2. Ann am banachdaich eile chan eil ach pìosan den ghalar-ghinean, nach adhbharaich galarachadh beò, ach bidh an siostam dìon-bodhaig fhathast a’ toirt freagairt bacaidh nan aghaidh. Faodaidh a’ bhanachdach seo bacteria no bhìorasan pronn neo-ghnìomhaichte a chleachdadh, no co-phàirtean sgaraichte mar protainean bhìorasach, no moileciuil ris an canar mRNA.

Sa mhòr-chuid de bhanachdaich, tha an dìon an aghadh galar a’ tachairt nuair a tha anti-cuirp shònraichte an aghaidh a’ ghalar-ghinein air an dèanamh agus cuideachd T-cheallan agus B-cheallan cuimhne. Faodaidh a’ chuimhne seo maireachdainn fad bhliadhnachan no fiù ’s fad beatha! Ann an cùisean eile, ’s dòcha gum bi feum aig an t-siostam dìon-bodhaig air ‘booster’ a chuireas na chuimhne cò ris a tha an galar-ghinean coltach.

Car coltach ri bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh ro dheuchainn sgoile.

8 Dùbhlachd 2020: b’ e Maggie Keenan, aois 90, à Coventry a’ chiad neach air an t-saoghal a fhuair banachdach ùr-cheadaichte Covid-19.

 

Luchdaich a-nuas an ìomhaigh an seo.

Luchdaich a-nuas an ìomhaigh an seo.

Luchdaich a-nuas an ìomhaigh an seo.


Bileag dà-chànanach a’ toirt geàrr-chunntas air banachdach àbhaisteach leanabachd (Slàinte Poblach na Cuimrigh)

 
 

Ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu bhanachdaich, rach gu luchdachaidhean a-nuas far a bheil goireasan sgoinneil air-loidhne, agus nam measg “Stiùireadh air Banachdaich Chloinne” le Comann Eòlas Dìon-bodhaig Bhreatainn agus “Stiùireadh Faicsinneach air Banachdaich” le Slàinte Phoblach Shasainn.


Meal do naidheachd!

Ràinig thu deireadh an Dàn-thurais

Dè tha thu airson a dhèanamh a-nis?

Till dhan phrìomh mhenu AN SEO


➡️ Nad Neach-saidheans

Tha feum aig an t-saoghal air luchd-saidheans – ach dè dìreach a bhios iad a’ dèanamh?

➡️ Sgeulachdan

Sgeulachdan a chòrdas riut mu chuid de na nuadh-lorgan saidheansail as cudromaiche ann an eachdraidh dhaoine.

➡️ Superbugs Wordle

Feuch am fuasgail thu an 'Wordle' le cho beag ’s a ghabhas de dh’oidhirpean!