Mar a bhios Bacadh an aghaidh Anti-biotaigean a’ sgapadh

Leis nach eil anti-biotaigean air an cleachdadh gu ceart.

Nuair a tha dotair a’ toirt dhut anti-biotaigean, tha stiùireadh sònraichte a’ tighinn nan cois ris an canar òrdugh-cungaidh. Tha seo ag innse cia mheud a ghabhas tu, cuin a ghabhas tu iad, agus an ùine a ghabhas tu iad. Saoil carson a tha seo?

Tha an t-òrdugh-cungaidh airson ’s gum faigh thu a’ chuid cheart de anti-biotaigean nad bhodhaig gus an galarachadh a leigheas. Mura gabh thu na h-anti-biotaigean gu lèir a fhuair thu, chan fhaigh thu a’ chuid cheart, agus cha tèid na bacteria gu lèir a mharbhadh.

’S dòcha nach fàs thu nas fheàrr. Ach cuideachd, leigidh e le bacteria bacadh fhaighinn an aghaidh nan anti-biotaigean sin. Agus le sin bidh e nas duilghe leigheas a thoirt dhut.

 

Seall air a’ chartùn ’s air a’ gheama a-nis.

Faigh a-mach dè bhios a’ tachairt nuair a thòisicheas galarachadh bacterialach mar aon chealla, nuair a dh’fhàsas e gu bhith na iomadh cealla bhacteria, agus an uair sin nuair a dh’fheuchas tu ri leigheas le anti-biotaigean.

 

Bacteria — tha iad sònrachte math air co-roinn!

 

Èist ri Jon Tyrrell againn fhìn ag innse dhut mar a bhios anti-biotaigean ag obair, agus gu sònraichte mar a bhios bacteria ag atharrachadh gus bacadh fhaighinn an aghaidh anti-biotaigean – agus na tha sin a’ ciallachadh do euslaintich le galarachadh.

Lorg tuilleadh bhidiothan ‘Superbugs’ air an t-seanail sgoinneil againn, YouTube channel.


➡️ Mòr-sgaoileadh Cruinneil

Rannsaich an coltachadh agus faigh a-mach mar as urrainn galarachadh mòr-sgaoileadh sgriosail adhbharachadh.