Anti-biotaigean: Peilearan Seunta

Anti-biotaigean: ’s dòcha an nuadh-lorg as motha agus as cudromaiche fhathast ann an lèigh-eòlas.

’S e anti-biotaigean am prìomh bhall-airm a th’ againn sa chogadh an aghaidh galarachadh bacterialach.

Tha anti-biotaigean nan ceimigean a bhios a’ toirt ionnsaigh air bacteria. Bidh cuid a’ cur stad air fàs nam bacteria. Bidh cuid a’ marbhadh nam bacteria. ’S e buil an dà dhòigh, gu bheil anti-biotaigean a’ cur stad air bacteria a bhith ag adhbharachadh galarachadh, agus gar cuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri euslaintich thinn.

Tha am briathar ‘anti-micro-bhitheagaich’ a’ ciallachadh ceimigean sam bith a tha a’ marbhadh seòrsa sam bith de mhicro-fhàs-bheairt, co-dhiù ’s e bacteria, fungi no rudeigin eile a th’ ann.

 

Ciamar a tha anti-biotaigean ag obair?

Dealbh den dòigh sa bheil anti-biotaigean ag obair – san aon dòigh ri iuchair an dorais agus glas an dorais!

Dealbh den dòigh sa bheil anti-biotaigean ag obair – san aon dòigh ri iuchair an dorais agus glas an dorais!

Smaoinich air an doras-aghaidh agad. Tha iuchair an dorais a’ fiotadh glas an dorais agus ga fhosgladh, ceart? Chan eil an iuchair agadsa a’ freagairt doras sam bith eile air an t-sràid. Agus cha fhreagair iuchair sam bith eile glas an dorais agadsa. Canaidh sinn gu bheil iuchair an dorais agad agus glas an dorais agad SÒNRAICHTE dha chèile.

Tha anti-biotaigean ag obrachadh san DEARBH dhòigh. Tha an anti-biotaig (an iuchair) ag amas air targaid shònraichte (an doras) a tha ann an, no air, cealla bacterialach. Tha an anti-biotaig a’ freagairt na targaid gu ceart. Bidh anti-biotaigean a’ sireadh na targaid, a’ faighinn grèim air agus ga cheangal gu teann.

Tha targaidean nan anti-biotaigean cha mhòr an-còmhnaidh ann am pàirtean fìor chudromach de cheallan nam bacteria. Tha iad airson milleadh cho mòr ’s a ghabhas a dhèanamh!

Bidh na h-anti-biotaigean a’ marbhadh nam bacteria, air neo bidh iad a’ toirt orra fàs gu math mall. Le sin, chan eil na bacteria math tuilleadh air galar adhbharachadh, agus tha an galarachadh air a leigheas!!

 

Marbh na Galaran!

Carson nach feuch thu cuid de na geamannan againn gu h-ìosal?!

Bi mar anti-biotaig agus lorg na galaran mosach a tha sin – marbh na bacteria mus beir iad ort!

Cuir thugainn dealbh den adhartas a rinn thu, no cuir e air Twitter @CUsuperbugs!

Cliog air na h-ìomhaighean gu h-ìosal airson na geamannan a chluich.

 

Ionnsaigh Anti-biotaigeach 2D

 

Ionnsaigh Anti-biotaigeach 3D


➡️ Dèan quiz nan Emojithean

Dè na seòrsaichean anti-biotaigean a tha ann? Dè bhios iad a’ dèanamh? Carson a tha ainmean cho toinnte orra?