Dè cho beag ’s a tha sinn a’ bruidhinn air?

Thuirt sinn mar-thà, uair no dhà, gu bheil bacteria fìor bheag.

Tha bacterium àbhaisteach mu dhà mhicro-meatair (2 μm) – no 0.002 milemeatair (0.002 mm) a dh’fhaid.

Tha sin eadar 10 agus 100 uiread nas lugha na gaisean fuilt duine!

Tha, tha sin gu math beag. Fada ro bheag airson fhaicinn le do shùilean rùisgte, agus mar sin feumaidh luchd-saidheans miocroscop a chleachdadh gus bacteria a sgrùdadh.


Faigh a-mach ciamar a tha maicreasgop ag obrachadh an seo!

 

 
 
 

Ma tha thu airson cluich le maicreasgop thu fhèin agus airson coimhead air diofar sheòrsaichean shampallan, thoir sùil tron mhaicreasgop bhiortail againn!

Faigh a-mach cò ris a tha bacteria, ceallan-fala agus casan damhain-allaidh coltach nuair a bheir thu sùil FÌOR dhlùth orra.

Cliog air an dealbh-sgrion agus fosgail coltachadh air làrach-lìn a-muigh.

 
 

Feuch an quiz gu h-iosal.

An tomhais thu dè na fas-bheairtean as motha agus dè an fheadhainn as lugha?

Clàraich iad ann an òrdugh meud cuibheasach!

Ma dh’fheuchas tu e, tog dealbh agus cuir thugainn e!


➡️ Trobhad ’s coinnich Bacteria

Tha bacteria am measg nan nithean beò as bitheanta agus as cudromaiche air a’ phlanaid. Cliog agus can hallò!