Galaran bacterialach

Nuair a bhios bacteria gar fàgail tinn.

Tha mòran, mòran bhacteria (agus micro-fhàs-bheairtean eile) math, nach eil? Bidh iad a’ dèanamh tòrr a tha gar cuideachadh, agus tha obraichean cudromach aca san àrainneachd. Dè an duilgheadas a th’ ann ma-thà?

Uill, chan eil bacteria gu lèir ‘math’. Tha mòran dhiubh air mean-fhàs air slighe eile – airson galarachadh agus tinneasan adhbharachadh. Canaidh sinn galar-ghineanan, no bacteria galar-ghinein ri bacteria a tha ag adhbharachadh galar.

Cliog air pàirtean den bhodhaig gu h-ìosal agus faigh a-mach mu chuid de na galaran as cumanta, agus mu na bacteria mosach a bhios gan adhbharachadh!

Cliog an seo gus an Superbug Story for Kids againn a luchdachadh sìos mar PDF .

Nasal cavity Mouth Brain Skin and soft tissues Skin and soft tissues Stomach Small intestine Large intestine Heart Lungs Blood circulation Blood circulation Bladder
 
 

Faclan Falaichte Bacterialach!

Cleachd na sanasan agus am fiosrachadh air bacteria coimeansail agus galar-ghinein airson na faclan falaichte a lorg.

An lorg thu iad gu lèir ro do charaidean?

Cuir thugainn dealbh den oidhirp agad! No cuir thugainn tweet @CUSuperbugs!

Dè bhios a' tachairt nuair a tha tonsailitis ort?

Rannsaich modail 3sh de neach le 'amhach strep'.

Tha an galar seo air adhbharachadh le bacteria streptococcal buidheann A ('strep A'). Am measg nan comharran tha sèid agus srianagan iongair air na tonsailean, teanga shalach, liath, cìoch an t-slugain (uvula) air sèid, agus sèid anns na nòdan liomf san amhaich - cho math ri comharran cumanta mar malaidhean liorcach agus sùilean a tha teann dùinte.

Ann an cuid de dhaoine faodaidh an galar a bhith nas miosa agus thig broth dearg orra ris an canar am fiabhras dearg .


Gnìomh Buidhinn:

Cruthaich geama ‘Tomhais Cò’ stèidhichte air Superbugs!

Gus do gheama fhèin a dhèanamh:

  1. Ceannaich geama Guess Who.

  2. Faigh am faidhle PDF leis a’ cheangal seo .

  3. Priont am faidhle air cairt agus geàrr a-mach na pìosan.

  4. Cuir am bòrd-cluich ri chèile.

Gus do chuid fhèin a dhèanamh freagarrach, faodaidh tu am faidhle Illustrator (.ai) a luchdachadh sìos agus na dealbhan agus na h-ainmean a chuir nan àite le ge bith dè an seòrsa rud a tha thu . gaol.

(Buidheachas: Prof Samantha Bell, Center for Emerging and Re-Emerging Pathogens and Department of Microbiology, Biochemistry, & Molecular Genetics at Rutgers New Jersey Medical School, USA)


➡️ Slàinteachas

Faigh a-mach mar a chuireas tu stad air sgapadh mhicroban millteach le bhith a' nighe do làmhan agus a' làimhseachadh biadh gu sàbhailte.