Daoine: Buffet ‘Ith do leòr’
Tha bacteria oirnn agus annainn fad na h-ùine.
Tha ar bodhaigean nam buffet “ith nas urrainn dhut” — àrainneachd bheairteach a tha làn mathachais, mhèinnirean, phròtainean agus charbohaidreatan a tha a dhìth air micro-bhitheagan airson fàs. Air sgàth seo uile, tha barrachd cheallan bhacteria anns agus air a’ bhodhaig na tha ann de cheallan daonna. Tha sinn nas bacterialaiche na tha sinn daonna!
Agus ’s e rud fìor mhath a tha seo.
Tha obair chudromach aig a’ mhòr-chuid de bhacteria airson ar cumail fallain.
Bidh iad:
A’ cuideachadh le leasachadh an t-siostam dìon-bodhaig, agus leis an t-strì an aghaidh galarachadh
A’ cruthachadh lùth agus mathachas as urrainn na ceallan daonna a chleachdadh
A’ faighinn cuidhteas cheimigean togsaig bhon bhodhaig
A’ cuideachadh cnàmh a’ bhìdh
A’ cuideachadh leis an craiceann agus an caolan a chumail fallain
Thoir sùil air a’ bhodhaig.
Cliog air na diofar phàirtean de neach slàn, fallain agus faigh a-mach dè na seòrsaichean bhacteria a bhios a’ fàs an sin fiù ’s nuair nach eil sinn tinn!
Tha iad nam pàirt den flora nàdarra againn, agus canaidh sinn bacteria coimeansail riutha.
Gu dearbh, ar caraidean ’s ar teaghlach!
➡️ ’S e Gèam Àireamhan a th’ ann
Ionnsaich mar a bhios bacteria a’ fàs, agus mar as urrainn dhaibh an t-uabhas cheallan a dhèanamh ann am beagan uairean a thìde.