
Slàinteachas

“A Mham, tha ’n t-acras orm.” — “Thalla ’s nigh do làmhan an toiseach!”
Tha sinn ga chluinntinn fad na h-ùine. Carson ma-thà a tha ar pàrantan an-còmhnaidh ag iarraidh oirnn ar làmhan a nighe? Bheir sinn sùil feuch carson a tha e cho cudromach.

Cliog air na diofar phàirtean den làimh agus faigh a-mach mu chuid de na mhicro-fhàs-bheairtean a bhios sinn a’ giùlan air ar làmhan!
An dèidh dhut seo ionnsachadh, a bheil thu fhathast airson do bhiadh ithe gun do làmhan a nighe an toiseach?
Tha slàinteachas mu bhith a’ dèanamh rudan airson cumail fallain agus airson stad a chur air sgaoileadh thinneasan. Tha e a’ gabhail a-steach do làmhan a nighe, bath no fras a ghabhail, uachdaran a ghlanadh, agus biadh a làimhseachadh gu faiceallach. Nuair a tha deagh chleachdaidhean againn a thaobh slàinteachas, chan eil e cho coltach gum fàs sinn tinn agus cumaidh sinn sinn fhìn agus daoine eile fallain. Tha seo cudromach do shunnd gach duine agus airson coimhearsnachdan a chumail sàbhailte.
Leis gu bheil sinn an-còmhnaidh a’ suathadh ann an rudan timcheall oirnn a dh’fhaodadh micro-bhitheagan a ghiùlan, tha nighe-làmhan air leth cudromach airson stad a chur air sgaoileadh nam micro-bhitheagan ud. Gu h-àraidh ann an àitean mar ospadalan, tha nighe-làmhan a’ cur dìon air a h-uile duine bho dhroch thinneasan.
Ma tha thu airson ionnsachadh mar a nigheas tu do làmhan ann an dòigh spòrsail, coimhead a’ bhidio againn – agus ionnsaich an dòigh ceum-air-cheum a tha an NHS a’ moladh.
Gèam Dìomhaireachd: Bhon taigh-grùide chun bhùth reòiteag, tha daoine a’ fàs tinn. Cuir ort ad ‘Oifigear Meidigeach na Slàinte’ agus lorg stòr dìomhair an ar-a-mach seo!
(Beachd & Sgriobt le Claas Kirchhelle & Samantha Vanderslott. Leasachadh a' Gheama le Renderheads. Dealbhachadh le Ben Leighton. Faigh tuilleadh gheamannan ionnsachaidh, nobhailean grafaig, agus beothachaidhean air typhoid agus fìabhras enteric aig Typhoidland)
➡️ Slàinteachas bìdh
Ionnsaich mu na cunnartan an lùib ghalaran a tha air an giùlan le biadh, agus mar a sheachnas tu iad.