Dè th’ ann am Micro-bhith-eòlas ma-thà?

Eòlas air rudan beò a tha fìor, fìor bheag.

Tha ‘micro’ a’ ciallachadh beag, bìodach. Tha fàs-bheairt a’ ciallachadh rud beò. Le sin, tha MICRO-FHÀS-BHEAIRTEAN nan rudan beaga bìodach a tha beò.

Cho beag chan fhaic sinn iad leinn fhìn. Feumaidh sinn microscopes a chleachdadh, a leigeas leinn coimhead air rudan gu fìrinneach, gu dlùth. 🔬

Tha micro-fhàs-bheairtean anns a h-uile h-àite. Ann an aibhnichean, sa ghàrradh, sa chidsin, san rùm-ionnlaid agus fiù ’s annad fhèin agus ort fhèin!

Cliog gach dealbh agus faigh a-mach tuilleadh mu na diofar sheòrsaichean de mhicro-fhàs-bheairtean gu h-ìosal.

Glacadh-sgrìn 2021-05-25 aig 01.45.30.png

Bacteria

Archaea

Archaea

Bhìorasan

Bhìorasan

Fungi

Fungi

Protosoa

Protosoa

 

Far an do thòisich Micro-bhith-eòlas

Eisimpleir den chiad mhaicreasgopan, coltach ris an fheadhainn a bhiodh aig van Leeuwenhoek

Eisimpleir den chiad mhaicreasgopan, coltach ris an fheadhainn a bhiodh aig van Leeuwenhoek

Antonie van Leeuwenhoek (1632-1723)
Athair Micro-bhith-eòlais

Bha Antonie van Leeuwenhoek na neach-saidhean Dùitseach. Thòisich e a bheatha-obrach a’ dèanamh agus a’ reic aodach. Ach bha e ga fhaighinn doirbh na snàithleanan fìor thana fhaicinn, agus leasaich e a’ chiad mhaicreasgopan. Leig seo leis coimhead gu dlùth air nithean fìor bheag.

Bha na maicreasgopan cho èifeachdach ’s nach b’ fhada gus an do thòisich van Leeuwenhoek ag obair an lùib saidheans, a’ cleachdadh a’ mhaicreasgop airson coimhead air mialan, deargannan agus seilleanan.

Mu dheireadh, thòisich e a’ coimhead air a h-uile seòrsa rud – fuil, craiceann, ùir, uisge. Chuir na lorg e iongnadh mòr air agus b’ ann mar seo a thòisich MICRO-BHITH-EÒLAS mar as aithne dhuinne e

Lorg Antonie van Leeuwenhoek saoghal ùr maicreasgopach a bha làn nithean air an tug e ‘animalcules’ (ainmhidhean beaga). Nithean beaga beò de gach cruth is meud, nach fhaic thu led shùil a-mhàin.

’S beag fios a bh’ aige gum b’ e micro-fhàs-bheairtean a bh’ annta agus gum biomaid fhathast ag ionnsachadh mun deidhinn an-diugh!

Ceud taing airson an turas micro-bhith-eòlais a thòiseachadh, Tony!

Eisimpleir de na h-animalcules a lorg Antonie van Leeuwenhoek

Eisimpleir de na h-animalcules a lorg Antonie van Leeuwenhoek


➡️ Dè cho beag ’s a tha sinn a’ bruidhinn air?

An tomhais thu dè na fas-bheairtean as motha agus dè an fheadhainn as lugha?