Bacadh an aghaidh Anti-biotaigean

Dè th’ ann am bacadh an aghaidh anti-biotaigean?

Susceptible vs Resistant.png

Nuair a tha bacteria air am marbhadh le anti-biotaigean, canaidh sinn gu bheil na bacteria ‘fosgailte do anti-biotaigean’.

Gu sìmplidh, nuair a tha ‘bacadh an aghaidh anti-biotaigean’ aig bacteria, chan urrainn anti-biotaig na bacteria a mhilleadh no a mharbhadh.


Buaidh bacadh an aghaidh anti-biotaigean

Le sin, nuair a tha ‘bacadh an aghaidh anti-biotaigean’ aig bacterium, chan obraich anti-biotaigean na aghaidh.

Chan eil seo math nuair a tha dotairean a’ feuchainn ri daoine tinn air a bheil galarachadh a leigheas. Mura h-obraich anti-biotaigean, chan urrainn dhuinn an galarachadh a leigheas. Mura gabh an galarachadh leigheas, tha e a’ ciallachadh gum bi an neach a tha tinn, tinn airson ùine nas fhaide. ’S dòcha gum fàs iad nas MIOSA. Agus anns na cùisean as miosa, ’s dòcha gum bàsaich iad.

Air an adhbhar seo, tha e UABHASACH cudromach gun rannsaich sinn agus gun tuig sinn ciamar a bhios bacteria a’ faighinn bacadh, agus ciamar a bhios iad a’ sgapadh bho dhuine gu duine air feadh an t-saoghail.

Smaoinich nan robh againn ri tilleadh gu saoghal gun anti-biotaigean!

Duilleag bhon chomaig sci-fi “Resist NOW!“.

 

Airson do chuideachadh a’ smaoineachadh air saoghal gun anti-biotaigean, seall air a’ bhidio seo de chruthadairean-ciùil agus de chluicheadairean piàna a bha beò mus deach anti-biotaigean a lorg.

Bho Wolfgang Amadeus Mozart agus Henry Purcell gu Franz Schubert agus Frédéric Chopin: sàr luchd-ciùil a bhàsaich aig aois ro òg air sgàth cho-bhuaidhean co-cheangailte ri galarachadh micro-bhitheagach.

Nan robh anti-biotaigean nuadh ann aig an àm sin, math dh’fhaoidte gum biodh iad uile air leigheas fhaighinn.

Smaoinich an ceòl a bharrachd a bhiodh iad air cruthachadh agus air cluich nan robh iad beò na b’ fhaide ’s an t-slàinte aca!


➡️ Mar a bhios bacadh an aghaidh anti-biotaigean a’ sgapadh

Faigh a-mach mar a bhios sàr-bhitheagan a’ nochdadh agus a’ sgapadh am measg dhaoine agus air feadh an t-saoghail