Mòr-sgaoileadh Cruinneil

Beatha an latha an-diugh: siubhal eadar-nàiseanta.

Tha sinn a’ fuireach ann an aon àite ach bidh sinn a’ tadhal air caraidean ’s air co-obraichean ann an àiteachan eile. Bidh sinn a’ ceannach biadh, aodach, agus nan cleas-uidheaman as ùire bho air feadh an t-saoghail. Tha còmhdhail an latha an-diugh (plèanaichean, bàtaichean, càraichean) a’ leigeil leinn siubhal agus malairt a dhèanamh nas fhaide air falbh, agus nas fhasa, na rinn duine riamh roimhe.

Leis gu bheil sinne a’ siubhal air feadh an t-saoghail, tha e a’ ciallachadh gum faod na micro-fhàs-bheairtean a tha beò oirnn tighinn còmhla rinn air na saor-làithean againn! Tha seo a’ ciallachadh gum faod bacteria a tha ag adhbharachadh galarachadh tighinn nar cois cuideachd. San dòigh seo, tha e furasta do ghalar-ghineanan siubhal timcheall na planaid. Agus gu cinnteach tha iad a’ gabhail a’ chothroim!!

Seall air mòr-sgaoileadh COVID-19 mar eisimpleir air mar as urrainn fàs-bheairt galarachaidh tòiseachadh ann an aon àite agus sgaoileadh gu luath timcheall an t-saoghail.

Dè th’ ann am mòr-sgaoileadh – no pandemic – ma-thà?

Tha mòran ghalaran gabhaltach dùthchasach – no endemic – ann an sluagh sònraichte; tha sin a’ ciallachadh gu bheil an galarachadh ann an-còmhnaidh aig ìre cuimseach ìosal (aig ‘ìre chunbhalach’), gun chùisean air an taobh a-muigh a’ toirt buaidh air. Mar eisimpleir, tha an galar chloinne a’ bhreac-òtraich dùthchasach san Rìoghachd Aonaichte, ach chan eil an galar tropaigeach mailèiria.

Tha epidemic a’ ciallachadh sgoileadh obann de ghalar am measg àireamh mhòr dhaoine, ann an ùine gu math goirid, a tha fada nas miosa na na h-ìrean àbhaisteach. Mar as trice tha sgaoileadh mar seo air adhbharachadh le galar-ghineanan nuadh bho nach eil dìon-bodhaig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh (mar eisimpleir, bhìoras Ebola ann an Afraga), no gnè ùr de ghalar-ghinean a tha ann mu thràth (mar eisimpleir, influenza ràitheil).

Nuair a tha galar gabhaltach a’ sgaoileadh air feadh mòr-thìrean no fiù ’s air feadh an t-saoghail, ’s e mòr-sgaoileadh no pandemic a th’ ann. Bidh mòr-sgaoileadh a’ toirt buaidh air àireamh mhòr dhaoine, faodaidh mòran bàsachadh leis, agus faodaidh e coimhearsnachdan a chur troimh-a-chèile agus cron a dhèanamh air eaconamaidh dhùthchannan.

’S e an t-eisimpleir as ùire de mhòr-sgaoileadh cruinneil an sgapadh sgriosail de COVID-19, a tha air ceudan mhilleanan de dhaoine a ghalarachadh mu thràth air feadh an t-saoghail, agus air còrr is 6.5 millean bàs adhbharachadh on Fhaoilleach 2020. Ach tro eachdraidh, tha daoine air eòlas fhaighinn air mòran de ghalaran sgriosail agus sgriosail eile. galaran sgaoilte leithid plàigh, colera, a’ bhreac agus polio (faic ar loidhne-tìm airson tuilleadh fiosrachaidh).

Feumaidh luchd-saidheans, dotairean agus luchd-poilitigs a bhith deiseil gun fhios nach tig mòr-sgaoileadh bacterialach air adhbharachadh le sàr-bhitheagan aig a bheil bacadh an aghaidh anti-biotaigean.

Geama a’ Mhòr-sgaoilidh

Feuch an geama, agus ionnsaich mar as urrainn micro-fhàs-bheairtean galarachaidh sgaoileadh bho dhùthaich gu dùthaich!

’S dòcha gum bi tuigse nas fheàrr agad an uair sin air mar as urrainn galaran sgapaidhean sgriosail adhbharachadh agus falbh air feadh an t-saoghail.

Cuir thugainn dealbh-sgrion den gheama, no cuir tweet thugainn @CUSuperbugs


➡️ Ciad Sùil air Eòlas Dìon-Bodhaig

Mar a bhios tuigse air an t-siostam dìon-bodhaig gar cuideachadh a shabaid ghalaran