Thoir Fàs air na Micro-bhitheagan agad fhèin

Faigh a-mach mu bheatha dhìomhair bhitheagan a tha annainn, a tha oirnn agus a tha timcheall oirnn.

Ann an Daoine: Buffet ‘Ith do leòr’, sheall sinn dhut cuid de na bacteria a tha a’ fàs ann agus oirnn. Ach gu follaiseach, chan fhaic sinn iad, tha iad microscopach!

Ann an saor-làithean samhraidh 2019, aig ar Superbugs Bùth Saidheans Pop-Up , dh’ iarr sinn air daoine a h-uile seòrsa de phàirtean bodhaig a shlaodadh, gus am fàsadh sinn suas na bacteria a bh’ aca orra.

Ghabh sinn sampallan bho shròinean, teangannan, sgòrnan, fiaclan is cluasan chloinne is phàrantan. Bho aghaidhean, làmhan, falt, putanan bolg agus armpits. Bho fhònaichean-làimhe, fàinneachan, wellies, an làr agus bogsa sgudail cat.

Chuir sinn na suabaichean air pleitichean agar – ’s e sin pleitichean-silidh a tha loma-làn den mhathachas a bhios bacteria ag ithe. Leig sinn leotha fàs an uair sin anns an deuchainn-lann againn agus thog sinn dealbhan den bhacteria agus den chlòimh-liath a dh’fhàs anns an ath 1-2 latha!

Mar sin chì thu gu bheil ar bodhaig agus na tha timcheall oirnn làn de gach seòrsa meanbh-fhàs-bheairtean… Nach eil meanbh-bhitheòlas inntinneach?

Agus beagan gaoch, feumaidh sinn aideachadh. 🤢

*** Cùm sùil airson naidheachd mu thachartasan beò eile le Superbugs agus ’s dòcha gum bi cothrom agad thu fhèin a suabadh! ***

Seall air an earrainn Deuchainnean Dachaigh sa bheil pròtacalan air mar a nì thu na deuchainnean Superbugs agad fhèin.

Cuir thugainn dealbhan de na deuchainnean agus de na toraidhean – an fheadhainn a dh’obraich gu math agus an fheadhainn nach do dh’obraich idir, idir!

Chì thu tuilleadh dhealbhan ann an Albam Facebook sònraichte Superbugs!

Tha prògram Nollaig sònraichte ri fhaighinn anns an roinn Bhlogaichean againn. 🎄

 

➡️ Micro-bhitheagan agus an Àrainneachd

Tha àite cudromach aig bacteria san dòigh sa bheil a’ phlanaid againn ag obrachadh – faigh a-mach dè th’ ann