Ciad Sùil air Beatha

Beatha – an dìomhaireachd as motha air an t-saoghal.

Bho choilltean-uisge gu grunnd nan cuantan, bho fhàsaichean teth gu mullach nam beann: tha an Talamh làn beatha. Beatha den h-uile cruth agus meud.

Ach tha aon fheart sìmplidh aig gach nì beò ann an cumantas.

Tha iad uile ceallach – tha sin a’ ciallachadh gu bheil gach nì beò air a dhèanamh de cheallan. Uaireannan ’s e aon chealla a bhios ann, uaireannan ceud, uaireannan milleanan, billeanan agus trilleanan de cheallan!

Dè th’ ann an ceallan ma-thà?

Tha ceallan (mar as trice) nan nithean beaga bìodach nach fhaic sinn le ar sùilean. Chan fhaic sinn iad ach tro mhaicreasgopan. Tha iad den h-uile cumadh agus meud. Tha iad mar fhactaraidhean beaga – bidh iad a’ gabhail a-steach mathachas agus mhèinnirean agus biadh eile bhon àrainneachd agus gan cleachdadh airson lùth a dhèanamh a bhios a’ dràibheadh a’ chealla.

Coimhead an seo air na diofar sheòrsaichean cheallan a tha ann.

 

Ceallan Eukaryotic

(“You-carry-ot-ick”)

’S e ceallan eukaryotic a tha a’ dèanamh ainmhidhean agus lusan. Tha ceallan eukaryotic gu lèir air an roinn ann an diofar earrannan ris an canar organelles. Tha obair aig gach organelle ri dhèanamh gus an cealla a chumail beò.

Tha ceallan lusan (gu clì) gu math rag agus tha rud ris an canar balla-cealla air an fhilleadh a-muigh. Tha seo gan dèanamh nas làidire agus a’ cur dìon air a’ chealla. ’S e fear cudromach de na h-organelles an clòroplast uaine – am pàirt den chealla a bhios a’ dèanamh foto-co-chur.

Faodaidh ceallan ainmhidhean (gu deas) a bhith GU MATH diofraichte a thaobh meud agus cruth. Tha ceallan ainmhidhean diofraichte bho cheallan lusan leis nach eil balla-cealla aig a’ mhòr-chuid dhiubh. Tha filleadh a-muigh aca a tha nas laige agus ris an canar meamran-cealla. Tha seo a’ dèanamh nan ceallan nas sùbailte. Smaoinich air bailiùn uisge!

 

Ceallan Prokaryotic

(“Pro-carry-ot-ick”)

Tha ceallan prokaryotic nam bacteria agus meanbh-fhàs-bheairtean eile - cliog an seo gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na diofar sheòrsaichean de mhicroban. Is e am prìomh eadar-dhealachadh do cheallan eukaryotic nach eil organelles aig ceallan prokaryotic.

’S e bacteria agus micro-fhàs-bheairtean eile a th’ ann an ceallan prokaryotic. Cliog an seo agus faigh a-mach tuilleadh mu dhiofar sheòrsaichean de mhicro-bhitheagan. ’S e an diofar as motha eadar ceallan eukaryotic agus ceallan prokaryotic nach eil organelles ann an ceallan prokaryotic.


➡️ Loidhne-tìm Mean-fhàis

Eadar toiseach tìm agus an Sròn-adharcach Dubh Siarach mu dheireadh ann an Afraga.