Deuchainnean Dachaigh

Dèan an rannsachadh saidheansail agad fhèin.

Rinn mòran luchd-saidheans agus innleadairean na nuadh-lorgan bu mhotha aca aig an taigh.

Dh’fhaodadh tusa a bhith coltach riutha — cleachd na pròtacalan deuchainn gu h-ìosal agus bi nad neach-saidheanas thu fhèin!

Cuir thugainn dealbhan de na deuchainnean agus de na toraidhean – an fheadhainn a dh’obraich gu math agus an fheadhainn nach do dh’obraich idir, idir!

Na gabh dragh mura h-obraich na deuchainnean a’ chiad uair a dh’fheuchas tu iad. Cuimhnich gun do rinn cuid de luchd-saidheans na nuadh-lorgan a bu chudromaiche aca nuair nach robh gnothaichean a’ dol mar bu chòir – sin mar a lorg Alasdair Fleming penicillin. Leugh mu dheidhinn san oisean leughaidh.