Mailèiria agus Artemisinin

Eachdraidh ghoirid air na drogaichean an aghaidh mailèiria agus air an dlùth-cheangal aca ri cogadh

 

Gu h-iongantach, san linn ùr, tha na freumhan aig fear de na drogaichean as cudromaiche an aghaidh mailèiria rim faighinn ann an lèigh-eòlas traidiseanta Shìona. Tha saothair mhòr an cois a bhith a’ dealachadh an droga bho chac na feòraig-itealaich, agus nan stuthan àraid eile a tha nam pàirt de leigheasan traidiseanta Shìona. Gu dearbh, faodaidh tu dà mhìle cungaidh lusragach fheuchainn mus lorg thu tè a tha ag obrachadh. Gu fortanach, ghabh Youyou Tu agus an sgioba aice an obair mhòr seo os làimh, agus thug iad dhuinn Artemisinin, an leigheas coitcheann a th’ againn do mhailèiria.


Eachdraidh Malaria

parasitologymalariapfalciparumpritt05.jpg

Parasaitean mailèiria plasmodium falciparum (cearcallan purpaidh) ann an ceallan fala dearga (cearcallan beaga pinc) mar a thog sampall fala san robh dathadh Giemsa. Tha an cealla as motha ris a’ mhullach chlì na neutrophil granulocyte, an seòrsa cealla fala geal as pailte ann an daoine – Dealbh le Bobbi Pritt, Pathology Outlines.

Tha mailèiria air a bhith ann o riamh. Bho chionn ghoirid chaidh parasaitean mailèiria a lorg ’s iad air an glacadh ann an omar bhon àm Phaleogeneach, o chionn trithead millean bliadhna am beachd cuid. Tha seann litreachas Greugais agus Sìonais a’ toirt iomradh air galarachadh le mailèiria. Thàinig e air a’ Mhorair Nelson, Genghis Khan, Dr Livingstone, Mahatma Gandhi agus Christopher Columbus. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “droch èadhar” – Mal aria ann an Laideann Meadhan-aoiseach – leis gun robh e bitheanta ann an sgìrean de bhoglach. Tha staitistig annasach a’ cumail a-mach gun do mharbh mailèiria dàrna leth nan daoine a bha riamh beò. Chaidh am beachd iongantach seo a thoirt ann an artaigil san iris Nature ann an 2002, ach gun fhianais air a shon. Chan eil e coltach gu bheil e buileach ceart.



Drogaichean tràtha

Tha fiabhras agus sgìths an cois a’ ghalair mailèiria, leis gu bheil e a’ sgrios nan ceallan fala dearga. Coltach ri galaran eile a bhios air daoine, airson ùine mhòr na eachdraidh cha robh anns na leigheasan air a shon ach gòraiche – bhiodh dotairean sna Meadhan-aoisean a’ feuchainn nan dòighean àbhaisteach aca – dìobhairt, leigeil-fala, agus trepanning (a’ cur toll sa chlaigeann). Ach, fhuair an sluagh Quechua ann an Ameireaga a Deas, gum faodadh an rùsg bhon chraoibh Quina-quina lùghdachadh a thoirt air a' chritheanaich nuair a bha mailèiria air neach. Chunnaic Agostino Salumbrino, bràthair Ìosanach a bha a’ dèanamh chungaidhean-leighis, mar a bha an rùsg ga chleachdadh agus chuir e cuid a-null dhan Ròimh airson mailèiria a leigheas. An toiseach chaidh a ghabhail mar thinctear de rùsg tiormaichte, air eadar-sgaoileadh ann am fìon. Ach, ann an 1820, chaidh aig dithis luchd-sgrùdaidh Frangach, Pelletier agus Caventou, air a’ chuid ghnìomhach den rùsg – quinine – a dhealachadh. Chaidh a chleachdadh on uair sin mar dhroga airson casg a chur air galaran. Dh’fheumadh Breatannaich anns na h-Innseachan aig àm nan coloinidhean quinine a ghabhail, agus fhuair iad gun robh e na b’ fhasa a ghabhail air a mheasgachadh le siùcar agus uisge-sòda, gu h-àraidh ma bha sinebhar ann cuideachd!


Quinine, tràilleachd agus cogadh

Tha mailèiria agus quinine an lùib eachdraidh tràilleachd agus cogaidh. Leis gun robh mailèiria cho bitheanta ann an Stàitean a Deas Ameireaga aig àm nan coloinidhean (1600-1700), bha na Coloinidhean a Deas an crochadh air tràillean Afraganach, oir cha robh iad cho buailteach do mhailèiria ’s a bha na coloinich gheala. Cuideachd, leig quinine leis na h-Eòrpaich gheala Afraga an Iar a rannsachadh – ron a sin b’ e ‘uaigh nan daoine geala’ a bh’ air leis gun robh mailèiria cho pailt. Dh’fhàs rùsg cinchona na stòras air leth prìseil, agus chuir riaghaltas Pheru casg laghail air às-mhalairt nan craobhan. Ge-tà, san naoidheamh linn deug, chaidh aig an riaghaltas Dhùitseach air na lusan a ghoid agus stèidhich iad planntachasan ann an Indonìsia a thug dhaibh aon-mhargadh – ro na 1930an bha iad a’ cur a-mach 22 millean punnd de rùsg cinchoa. San Dàrna Cogadh, fhuair Arm Ìmpireachd Iapan smachd air na craobhan, agus lùghdaich seo an cothrom a bh’ aig feachdan a’ cho-chaidreachais air an droga. Mar thoradh air seo dh’fhuiling saighdearan Ameireaga sa Chuan Shèimh a Deas agus saighdearan Bhreatainn ann am Burma gu mòr le mailèiria. Nam measg bha Dòmhnall Dixon, CBE, mo sheanair air taobh mo mhàthar; ghabh esan mailèiria ann an 1943 agus chaidh a chraiceann buidhe an dèidh dha Atabrine, stuth eile an àite quinine, a chleachdadh. Ann an 1944, leasaich Robin Woodward, ceimigear Ameireaganach a bhuannaich Duais Nobel, dòigh fhuadain air quinine a dhèanamh, agus thug seo faothachadh do na feachdan.


Chloroquine agus tì

Tha grunn iar-bhuadhan togsaig aig quinine agus chaidh droga eile a chur na àite – Chloroquine, a chaidh a lorg sna 1930an ’s a bh’ air a chleachdadh san Dàrna Cogadh. Gu mì-fhortanach, mar a thachair le anti-biotaigean agus anti-bhìorasaich, thòisich parasaitean mailèiria a’ nochdadh le bacadh an aghaidh chloroquine, agus bha feum air drogaichean eile. B’ e Anna Bishop a dhearbh bacadh an aghaidh chloroquine an toiseach, ann an Cambridge sna 1920an agus 30an. Chaidh gu math le rannsachadh Bishop ged a chaidh cnapan-starra a chur na rathad air sgàth a gnè; mar eisimpleir bha e air a thoirmeasg dhi suidhe aig a’ bhòrd aig àm tì san roinn, agus le sin shuidh i air a’ bhogsa chiad-chobhair.


Cogadh Bhietnam agus artemisinin

Tu Youyou.jpg

Tu Youyou

, a fhuair Duais Nobel ann am Beò-eòlas no Lèigh-eòlas ann an 2015.

Yang Wumin / Xinhua, tro Associated Press

Bha àite mòr aig cogadh ann a bhith a’ lorg an droga artemisinin a chaidh an àite chloroquine. Ann an 1967 thòisich riaghaltas Shìona am prògram rannsachaidh a lorg artemisinin, pròiseact 523 a bha airson saighdearan Arm Bhietnam a Tuath a dhìon bho mhailèiria ann an Cogadh Bhietnam. Bha Youyou Tu a’ stiùireadh a’ phròiseact: gu h-iongantach, thug a h-athair Youyou oirre airson an fhuaim a nì fèidh nuair a dh’itheas iad an lus milis roid, (Qinghao) bhon tàinig artemisinin. A’ feuchainn ri droga an aghaidh mailèiria a leasachadh, chaidh Tu air ais gu lèigh-eòlas traidiseanta Shìona. Eadar 1969 agus 1971 dh’fheuch Tu agus an sgioba aice dà mhìle reasabaidh. B’e an reasabaidh a dh’obraich ‘Leigheasan Èiginn a Chumas tu ri Làimh’, le Ge Hong, a bha a’ cur dhuilleagan Qinghao am bogadh ann an uisge. Thug Tu atharrachadh beag air an dòigh-obrach agus dhealaich i a’ chuid ghnìomhach, artemisinin. Choisinn seo Duais Nobel dhi ann an 2015. Tha an droga air a chleachdadh fad is farsaing a-nis an aghaidh mailèiria agus tha e air beatha nam milleanan a shàbhaladh.

Le sin, a dh’aindeoin cho fada ’s cho toinnte ’s a tha an eachdraidh, tha droga againn a tha ag obrachadh an aghaidh mailèiria. Gu mì-fhortanach, tha strèanaichean den pharasait a’ nochdadh le bacadh an aghaidh an droga. Tha seo a’ tachairt an cois mòran ghalaran eile cuideachd agus ’s e aon de na cunnartan slàinte as motha a th’ ann an-diugh. Ach tha dòchas ann gum faigh sinn fuasgladh mar thoradh air saothair luchd-saidheans mar Youyou Tu.


John Tregoning

Tha Dr John Tregoning ag obair aig Colaiste Ìmpireil Lunnainn agus bho chionn ghoirid dh’fhoillsich e an leabhar “Infectious” bhon tàinig an sgeulachd seo. Tha an leabhar a’ rannsachadh mailèiria agus mòran de na fàs-bheairtean micro-bhitheagach eile as urrainn ar galarachadh, agus mar a tha luchd-saidheans mar sinn fhìn air sabaid air ais.

Roimhe seo
Roimhe seo

Duais Longitude

An ath rud
An ath rud

An Sgamhan Iarainn