Sgeulachd Nuadh-lorg Anti-biotaig: Pàirt 1

Mar a chaidh an saoghal atharrachadh le nuadh-lorg air thuaiream ann an deuchainn-lann mì-sgiobalta.

 
Coltas caran greannach air Alasdair Fleming... Chan eil an luchd-saidheans gu lèir a’ coimhead cho brònach, air m’ onair!

Coltas caran greannach air Alasdair Fleming... Chan eil an luchd-saidheans gu lèir a’ coimhead cho brònach, air m’ onair!

B’ e feasgar fuar san t-Sultain a bh’ ann, ann an Lunnainn, 1928.

Bha Dr Alasdair Fleming a’ tilleadh à saor-làithean ann an Alba, agus coltach ris a’ mhòr-chuid de luchd-saidheans rannsachaidh, thill e gu bòrd-obrach GU MATH mì-sgiobalta, oir cha robh e air a sgioblachadh mus do dh’fhàg e — bidh luchd-saidheans a’ bruidhinn air seo mar ‘mì-rian eagraichte’.

Rugadh Dr Alasdair Fleming ann an 1811, agus rinn e lèigh-eòlas ann an Sgoil Mheidigeach Naomh Màiri ann an Lunnainn. Nuair a fhuair e a theisteanas, thòisich e dreuchd ann an rannsachadh ann an 1906. Ghabh e ùidh gu math luath ann an saidheans galarachaidh, sna bacteria a bha ag adhbharachadh galarachadh, agus ann an suthan anti-seaptaig a bha gam puinnseanachadh.

Ann an 1928, bha Fleming ag obair air bacterium mar sin, air an robh Staphylococcus. Gabhaidh bacteria fhàs air ‘pleitichean agar’– silidh chruaidh a tha làn stuthan-beathachaidh agus biadh do bhacteria.

Bha Fleming air pleitichean agar, san robh Staphylococcus a’ fàs, fhàgail air a’ bhòrd-obrach aige.

Nuair a thill e bho na saor-làithean, lorg e pleit agar de Staphylococcus gun chòmhdach air, faisg air uinneag. Bha a’ phleit air a ghànrachadh, agus bha clòimh-liath fungas a’ fàs air – dìreach mar a bhios a’ tachairt ri biadh ma dh’fhàgas tu e lathaichean a-mach às a’ frids!

Gu h-inntinneach, chunnaic Fleming gun robh na Staphylococcus a bha a’ fàs faisg air a’ chlòimh-liath air am marbhadh, a’ fàgail raon bàn gun dad a’ fàs air, ris an canamaid an-diugh ‘sòn bacaidh’.

Faic an dealbh gu h-ìosal – tha seo coltach ris an rud a bhiodh Fleming air fhaicinn.  

Dealbh3.png

Coltach ri gach neach-saidheans math, ghabh Fleming iongnadh dhen seo. Bha e follaiseach gun robh a’ chlòimh-liath a’ cruthachadh rudeigin, a bha a’ marbhadh nam bacteria a bha faisg air. Chuir e roimhe tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh!

An toiseach, dh’aithnich e gum b’ e seòrsa fungas ris an canar Penicillium a bha sa chlòimh-liath. Fhuair e gum biodh am fungas seo cuideachd a’ marbhadh mòran bhacteria eile a bha ag adhbharachadh thinneasan mosach, agus nam measg diptiria, gonoiria, meningitis, pneumonia agus am fiabhras-dearg!

B’ e an ath cheist, CIAMAR a bha am Penicillium a’ marbhadh nam bacteria?

Fhuair Fleming a-mach nach b’ e a’ chlòimh-liath fhèin a bha a’ marbhadh nam bacteria, ach stuth fungasach a bha air a chur a-mach. Bha Bha Penicillium a’ leigeil a-mach ‘sùgh’ togsaig a chuireadh stad air bacteria fhàs – siud an t-adhbhar gum faca Fleming ‘sòn bacaidh’ timcheall air a’ Phenicillium. Thug Fleming penicillin air an t-sùgh fhungasach – a’ chiad anti-biotaig a bhiodh againn.

Dh’fhoillsich Fleming na toraidhean inntinneach aige ann am pàipear saidheansail, ach a dh’innse na fìrinn, cha do ghlac seo aire dhaoine an toiseach. Gu mì-fhortanach cha robh an comas, no an t-airgead, aig Fleming airson an rannsachadh a thoirt na b’ fhaide. Le sin, bha maill air an obair aige, agus bha e do-dhèanta dha sùgh penicillin gu leòr a chur air leth.

Mu dheireadh, chaidh an obair aige a thogail le dà neach-saidheans eile, Ernst Chain agus Howard Florey, ach tha an sgeulachd sin ann am Pàirt 2, a tha a’ tighinn a dh’aithghearr!

Tha thu a’ faicinn ma-thà gu bheil obair chruaidh, iongnadh, agus rannsachadh a dhìth an lùib saidheans, ach gu math tric tha deagh fhortan a dhìth cuideachd! Mar a thuirt Fleming fhèin: “Uaireannan bidh thu a’ lorg rud nach eil thu a’ sireadh. Nuair a dhùisg mi tràth air an 28mh den t-Sultain, 1928, cha robh dùil agam cruth-atharrachadh a thoirt air lèigh-eòlas le bhith a’ lorg a’ chiad rud a mharbhadh bacteria. Ach b’ e sin a rinn mi.

B’ ann air sgàth ’s gun robh Fleming caran mì-sgiobalta a rinn e an nuadh-lorg bu chudromaiche riamh ann an lèigh-eòlas: anti-biotaigean! Cuimhnich sin an-ath-thuras a bhios do phàratan ag iarraidh ort do rùm-cadail a sgioblachadh (ach na can riutha gun tuirt sinne sin riut)! 😉

 Cùm sùil airson Pàirt 2 de Sgeulachd Nuadh-lorg Anti-biotaig, a tha a’ tighinn a dh’aithghearr!

Roimhe seo
Roimhe seo

Deàrrsadh Ainglean aig Blàr Shiloh

An ath rud
An ath rud

A’ Bhreac: An Galar agus an Eachdraidh