Penicillin

🪙🤪🇳 (penny-silly-N)

 
  • B’ e penicillin a’ chiad anti-biotaig riamh a chaidh a lorg, le Alasdair Fleming ann an 1928 (faigh a-mach tuilleadh san oisean-leughaidh). Cha do rinn Fleming fhèin leasachadh sam bith air an stuth agus cha do dh’fheuch e e air galarachadh bacterialach sam bith

  • Chaidh a chur air leth bhon chlòimh-liath Penicillium (bhon d’ fhuair e ainm) — ’s e sin clòimh-liath a bhios a’ dèanamh anti-biotaigean nàdarra a bhios a’ marbhadh bhacteria a tha faisg oirre airson gum fàs i nas fheàrr!

  • Air 12 Gearran 1941 chaidh pinicillin a chleachdadh airson a chiad uair air euslainteach — Albert Alexander, poileasman 43 bliadhna a dh’aois.

  • Tha penicillins gan cleachdadh airson mòran sheòrsaichean galarachaidh — mar eisimpleir craiceann, broilleach agus slighe an fhuail — leis gun obraich iad an aghaidh mòran bhacteria eadar-dhealaichte.  

  • Chaidh a chiad chùisean de bhacadh an aghaidh penicillin a chlàradh cho tràth ri 1942, agus ro anmoch sna 1960an bha bacadh an aghaidh penicillin aig còrr is 80% de ghnèithean Staphylococcus aureus bhon choimhearsnachd agus bho ospadail!

  • Bha bacadh an aghaidh penicillin a’ sgapadh gu luath ach chaidh stad a chur air sin greiseag nuair a chaidh ginealach ùr de phenicillin a thoirt a-steach: an t-anti-biotaig methicillin. Ach tomhais dè thachair! Ghabh na bacteria ris an dùbhlan ùr, agus nochd gnèithean de Staphylococcus aureus (MRSA) is bacadh aca an aghaidh methicillin; tha iad fhathast nam prìomh adhbhar airson galarachadh bho ospadail agus galarachadh a tha duilich a leigheas.