Staphylococcus aureus
Coccus a tha a’ fàs ann am badan coltach ri fìon-dhearcan.
Tha Staphylococcus aureus na bhall àbhaisteach de mhicrobiota na bodhaig, agus tha e san t-slugan, san t-sròin ’s air a’ chraiceann. Ged-tà, faodaidh cuid de ghnèithean galarachadh adhbharachadh mar iongrachadh, galarachadh analachaidh agus puinnseanachadh bìdh.
Tha e na thrioblaid chruinneil gu bheil ‘sàr-bhitheagan’ S. aureus air nochdadh aig a bheil bacadh an aghaidh anti-biotaigean, gu h-àraidh S. aureus (MRSA), aig a bheil bacadh an aghaidh methicillin