Traidseadaidh Màiri an Typhoid
Bha Màiri Mallon air a meas na cunnart poblach agus air a cur dhan phrìosan an dèidh do thyphoid sgapadh air feadh New York; chaidh na sgapaidhean a cheangal rithese a bhith anns a’ chidsin. An robh siud cothromach?
’S e criomag fearainn san abhainn an Ear ann an New York a th’ ann an Eilean North Brother. Tha e letheach eadar na Bronx agus am prìosan-eilein a tha nas aithnichte, Rikers. An-diugh chan eil ann ach tèarmann eòin-uisge. Tha tobhta seann Ospadal Riverside air a thacadh le kudzu, fìonan sgaoilteach. Chaidh an t-àite a dhùnadh sna 1960an ach ron a sin bha e air a chleachdadh ann an diofar dhòighean: euslaintich leis a’ bhric, leis a’ chaitheimh, agus deugairean a bha ro-dhèidheil air drogaichean.
Airson 25 bliadhna b’ e cuideachd an t-àite san robh boireannach, nach robh na h-euslainteach no na h-eucoireach, air a cumail air leth; b’ ise Màiri an Typhoid.
An dèidh dhaibh faighinn seachad air galarachadh typhoid, bhiodh 4% de dhaoine a’ gleidheadh bhacteria nam bodhaig, agus le sin dh’fhaodadh iad sgapadh eile adhbharachadh.
Bha Màiri Mallon, eilthireach à Èirinn, trithead ’s a seachd bliadhna a dh’aois nuair a ràinig i Eilean North Brother ann an 1907; eu-coltach ris na h-euslaintich eile san ospadal, cha robh comharran oirre idir. Bha i air a cumail air leth ann an taigh le aon rùm. Shaoil i gun robh i air a cumail an grèim gun cheartas. Ann an 1909 sgrìobh i gu fear-naidheachd: “Cha robh typhoid orm riamh, agus tha mi air a bhith fallain riamh. Carson a tha mi air mo chur air falbh mar lobhar, ’s agam ri fuireach air leth gun chompanach agam ach cù?”
B’ e am freagairt sìmplidh gun robh Màiri, a bha na còcaire, air a meas na cunnart do shlàinte a’ phobaill.
As t-samhradh 1906, bha i ag obair do Theàrlach Henry Warren, bancair ann an Long Island. San Lùnastal ghabh sianar san teaghlach fiabhras typhoid , galar a mharbhadh 13,000 duine sna SA air a’ bhliadhna sin. Ach, bha e na bu choltaiche ann an slumaichean bochda seach ann an coimhearsnachdan spaideil Oyster Bay. Goirid an dèidh sin, chaidh rannsachair fhastadh airson lorg fhaighinn air tùs an sgapaidh seo ris nach robh dùil ann an dachaigh Warren.
B’ e an rannsachair Seòras Soper, innleadair catharra a bha eòlach air sgaoileadh typhoid a thragadh. Rinn e cinnteach gun robh bainne na dachaigh glan, agus rinn e deuchainn air beachd gun robh uisge an tobair air a ghànrachadh. Rinn e agallamhan, chuir e loidhne-tìme ri chèile, agus bhuail e air prìomh neach-amharais.
Fhuair e a-mach gun do thòisich an typhoid nuair a thàinig an còcaire ùr. Chaidh innse dha cuideachd gum biodh Màiri Mallon tric a’ dèanamh mhìlsean le reòiteag agus sliseagan peitse ùr – bha fios aig Soper gun robh biadh nach deach a bhruich dona airson Salmonella typhi, am bacterium a dh’adhbharaich an galar, a ghiùlan.
Rinn Soper tuilleadh rannsachaidh air Màiri agus lorg e pàtran a ghlac aire: “Tha fios cinnteach agam, anns an deich bliadhna mu dheireadh gun robh i ag obair do ochd teaghlaichean,” sgrìobh e ann an 1907. “Lean typhoid i gu seachd dhiubh. Cha d’ fhuair ise an galar ann an gin de na sgapaidhean co-cheangailte rithe.”
Nochd Soper aig an dachaigh ann am Park Avenue far an robh Màiri a-nis ag obair ann an 1907 agus dh’inns e dhi gun robh i a’ sgaoileadh typhoid; dh’iarr e sampall cac, mùin agus fala oirre. Bha Màiri a’ faireachdainn gu math agus cha bhiodh i air cluinntinn mu ‘luchd-giùlain fallain’ galair, bun-bheachd ùr a bh’ aig luchd-saidheans aig an àm. Thuirt i ris gun robh na thuirt e gòrach agus chuir i an teicheadh air, ’s i a’ maoidheadh air le forc.
An uair sin chaidh Soper gu ùghdarras slàinte a’ bhaile le notaichean an rannsachaidh aige. Thug iadsan am poileas a-steach air a’ chùis. Dhearbh deuchainn a chaidh a sparradh air Màiri gun robh ìre àrd de bhacilli typhoid na stòl, agus chaidh a cur gu Eilean North Brother.
Cha robh a h-uile duine aig an àm a’ smaoineachadh gun robh e cothromach no riatanach i a bhith sa phrìosan. Ann an 1909 sgrìobh W.P.Mason à Institiud Poili-theignigeach Rensselaer ann an Science gun robh bacteria fhathast ann am bodhaigean mu 4% de dhaoine an dèidh dhaibh faighinn seachad air typhoid, agus le sin gum faodadh sgapaidhean ùra tòiseachadh leothasan.
“’S dòcha gu bheil mu 560 neach den t-seòrsa sin ann an stàit New York an-dràsta... Chan urrainn dhuinn na daoine sin uile a chumail an grèim, agus carson a bhiodh aon neach air a shònrachadh ’s air a chur dhan phrìosan.”
Air an ath bhliadhna, dh’aontaich britheamh: chaidh Màiri a shaoradh air cumha nach dèanadh i obair còcaire tuilleadh.
Ach ann an 1915, bha sgapadh de thyphoid ann an Ospadal Màthaireil Sloane. Dh’fhàs fichead ’s a còig neach tinn agus bhàsaich dithis. Bha Màiri Mallon ag obair sa chidsin an sin. Thionndaidh beachd an t-sluaigh an aghaidh “Màiri an Typhoid”. Thug aon neach-naidheachd “tiùb torachd daonna” oirre; “factaraidh coise fiabhras typhoid” thuirt fear eile.
Chaidh a cur air ais gu Eilean North Brother, agus fichead ’s a trì bliadhna an dèidh sin, bhàsaich i, na h-aonar.
Tha mòr-sgapadh COVID-19 air bun-bheachd cuarantain a dhèanamh gu neo-àbhaisteach àbhaisteach an-diugh – agus le sin chan eil e cho sònraichte: chan eil aonranas cho aonranach mar bhuidheann. Ach tha COVID-19 air sònrachadh cuideachd gum bi mòr-sgapaidhean a’ cur ri neo-ionannachd shòisealta a tha ann agus ri cunnart a bhith a’ co-cheangal choimhearsnachdan sònraichte ri cunnart bhon ghalar-ghinean.
An robh e ro fhurasta in-imriche, boireannach den chlas-obrach, a choireachadh, agus fiù ’s ainmeachadh, airson galar?
Ann an 1919 chuir Seòrsa Soper ìmpidh air na comhaoisean aige a bhith faiceallach mar a thaghadh iad còcaire, leis gum faodadh iad uile a bhith a’ toirt a-steach galar falaichte. “Mar as trice is glè bheag as aithne dhuinn mun deidhinn,” sgrìobh e.
Sgrìobh Judith Walzer Leavitt, eachdraiche lèigh-eòlais: “Cha deach Màiri Mallon a chur air leth air sgàth ’s gum b’ e boireannach a bh’ innte, ach bha pàirt mhòr aig sin anns na thachair rithe.” Cha b’ e a bharrachd gun robh i na boireannach Caitligeach, Èireannach, singilte a bha ag obair an t-adhbhar a chaidh a cumail an grèim, a rèir Leavitt – ach bha na comharran sòisealta sin “a’ togail dùil agus a’ dùsgadh leth-bhreith shònraichte anns na proifeiseantaich mheadhan-den chlas a choinnich i... Chuir na nithean sin uile ris a’ bheachd nach robh i mar neach san t-sreath agus nach robh feum oirre.”
Mus do bàsaich Màiri, chaidh ceudan de luchd-giùlain fallain aithneachadh. Bhris co-dhiù aon duine, leis an robh taigh-fuine ann an New York, òrdughan-bacaidh a thaobh a bhith ag obair an lùib biadh.
Cha deach ach Màiri a chur dhan phrìosan.
Chaidh an sgeulachd seo fhoillseachadh an toiseach air 18 Ògmhios 2021 le Gavi, the Vaccine Alliance.
https://www.gavi.org/vaccineswork/long-view-tragedy-typhoid-mary