Slàinteachas bìdh

San RA a-mhàin, tha mu mhillean neach gach bliadhna a’ fulang le tinneasan a th’ air an giùlan le biadh, tha 20,000 dhiubh feumach air leigheas san ospadal, agus tha 500 a’ bàsachadh.

Tha tinneas air a ghiùlan le biadh, ris an canar cuideachd puinnseanachadh-bìdh, na ghalar a tha a’ dèanamh troimh-a-chèile sa chaolan agus tha e air adhbharachadh le biadh no deochan truaillte. ’S e dian-thinneas a th’ ann mar as trice a tha a’ nochdadh gun rabhadh agus a’ falbh ann am beagan lathaichean. ’S àbhaist gur e ceimigean cunnartach, bacteria, bhìorasan no parasaitean a tha ga adhbharachadh. Ged a gheibh a' mhòr-chuid seachad air gun chùram meidigeach, faodaidh cuid de chùisean a dhol nas miosa no seasamh nas fhaide.

Bheir sinn sùil a-nis air gnìomhan eile a lùghdaicheas an cunnart bho thinneas a th’ air a ghiùlan le biadh.

Cliog air na dealbhan gu h-ìosal agus faigh tuilleadh fiosrachaidh.


Nach dèan sinn deuchainn bheag – chì sinn dè thachras mura tèid diofar bhiadhan a stòradh gu ceart. Saoil dè thachras ma thèid biadh fhàgail ro fhada gun ithe?

Coimhead na bhidiothan gairiseachail luathaichte gu h-ìosal agus chì thu diofar bhiadhan a’ lobhadh!

 

Tha e furasta “deuchainn aran liath” a dhèanamh thu fhèin – san sgoil no sa chidsin aig an taigh (le cead bhon fheadhainn leis a bheil an cidsin!)

Faic an stiùireadh san earrainn “Deuchainnean Dachaigh”!


Cò ris a tha e coltach tinneas air a ghiùlan le biadh a bhith ort?

Gu h-ìosal tha comharran cumanta air ‘puinnseanachadh-bìdh’. Tòisichidh iad mar as trice beagan uairean a thìde no beagan lathaichean an dèidh dhut biadh truaillte ithe, agus seasaidh iad suas ri seachdain.

  • A’ faireachdainn tinn (òrrais): Faireachdainn mhì-chofhurtail aig cùl d’ amhaich no an-fhois nad stamaig. Math dh’fhaodte gum bi tuainealaich ort no gum bi e doirbh rudan a shlugadh cuideachd. Ma tha òrrais ort bidh tu tric a’ faireachdainn gu bheil thu a’ dol a dhìobhairt ach cha bhi thu an-còmhnaidh a’ dìobhairt.

  • A’ cur a-mach (dìobhairt): Nuair a bhios na tha nad stamaig a’ tighinn suas pìob a’ bhìdh (an slugan) ’s a bhios tu ga chur a-mach.

  • A’ bhuinneach: ’S e am mìneachadh, trì no barrachd stòlan bog no lionnach gan dèanamh san latha (no barrachd na tha àbhaisteach don neach).

  • Orc stamaig: Faireachdainn theann, obann ann am fèithean do stamaig

  • Teòthachd àrd (fiabhras): Nuair as e 38°C no nas àirde teòthachd do bhodhaig

  • Gun faireachdainn gu math: A’ faireachdainn sgìth ’s dòcha, no le pian agus crith-fhuachd


Fàs-bheairtean cumanta a tha co-cheangailte tric ri puinnseanachadh-bìdh

Cliog air na dealbhan agus faigh a-mach tuilleadh!


 

Sgèile stòlan Bhristol 💩

Inneal diagnosaidh a tha ga chleachdadh air feadh an t-saoghail airson iomradh a thoirt air na diofar chumaidhean a tha air stòlan.

Siud an fhìrinn – tha an sgèile seo ann!

  • Tha seòrsa 1 agus 2 a’ comharrachadh teanntachd nuair a tha e doirbh stòl a chur a-mach.

  • Tha seòrsa 3 agus 4 a’ comharrachadh cumadh àbhaisteach. An coltas a bu chòir a bhith air stòl!

  • Tha seòrsa 5 a’ dol nas fhaisge air a’ bhuinnich.

  • Tha seòrsa 6 agus 7 a’ comharrachadh gu bheil a’ bhuinneach cheart ort – gu tric ’s e droch slàinteachas an t-adhbhar.

 

Cholera – droch chùis de phuinnseanachadh-bìdh

Rach dhan Oisean Leughaidh agus leugh mu sgapaidhean fìor dhona de CHOLERA tro na linntean, agus mar a chaidh a dhearbhadh gun robh uisge-òil truaillte gu mòr ri choireachadh airson an tinneis uabhasaich seo a tha air na milleanan a mharbhadh!


Feuch dè na tha thu air ionnsachadh mu shlàinteachas agus mu làimhseachadh bìdh le quiz beag. 🤓



➡️ Timeline 'R' Us

Rannsaich galaran sgriosail tro na linntean, cuide ri nuadh-lorgan saidheansail a chuidich gus smachd fhaighinn orra.