Deiseil airson a chuir air bhog 🇬🇧🏴🏴🇮🇪
Làrach-lìn foghlaim airson barrachd mothachaidh fhaighinn air saoghal nam micro-bhitheagan a tha annainn, a tha oirnn agus a tha timcheall oirnn. Ri fhaighinn ann am Bheurla, Cuimris, ann an Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba.
Air a dhealbh ’s air a leasachadh còmhla ri tidsearan bun-sgoile agus àrd-sgoile air feadh na Cuimrigh, tha Superbugs na ghoireas an-asgaidh as urrainn clann aois 5-16 a chleachdadh sa chlas agus aig an taigh.
’S e cho soirbheachail ’s a bha Superbugs: A Pop-up Science Shop ann an Ionad Naomh Dhaibhidh ann an Cardaf a bhrosnaich am pròiseact. Thadhail mu 6,600 neach air thairis air cola-deug ann an làithean-saora an t-samhraidh 2019.
Tha an t-susbaint agus amas Superbugs a’ cur làn-thaic ri na ceithir amasan aig a’ Churraicealam ùr don Chuimrigh (nach eil eu-coltach ri CfE), agus tha iad a’ buntainn ri na sia raointean ionnsachaidh agus eòlais.
Tha an làrach-lìn furasta a chleachdadh agus tha diofar rudan ann, mar quizichean, PDFs ri luchdachadh-a-nuas, beothachaidhean, bhidiothan, sgeulachdan le dealbhan, loidhnichean-tìme eadar-obrachail, geamannan agus pròtacalan airson deuchainnean dachaigh.
Leis mar a tha na stuthan air an taisbeanadh, gabhaidh an cleachdadh gu sùbailte agus am freagradh ri feumalachdan nan tidsearan agus nan sgoilearan. Gheibh thu fiosrachadh air an làrach-lìn cuideachd mu thachartasan saidheans agus mu chothroman saidheans a tha ri thighinn san RA.
Cuspairean
• Ciad sùil air beatha, mean-fhàs, agus bacteria
• Galarachadh, commensals agus micro-bhitheagan san àrainneachd
• Galaran, anti-biotaigean, agus bacadh an aghaidh anti-biotaigean
• Mar a tha banachdaich ag obair
7 dòighean air Superbugs a chleachdadh
Iarr air sgoilearan susbaint an làraich a rannsachadh mar a thogras iad airson ùine ghoirid (15-30 mion) agus fios-air-ais a thoirt dhut. Dh’fhaodadh seo a bhith na obair-dachaigh agus bheireadh na sgoilearan 2-3 pìosan fiosrachaidh inntinneach mar ‘fios feumail’ do chàch anns an ath leasan.
Cleachd an t-Oisean-leughaidh airson nuadh-lorgan saidheans agus na daoine a rinn iad a rannsachadh, agus mar sin coimeasgaich saidheans agus eachdraidh no saidheans agus litreachas. Iarr air na sgoilearan sgeulachd a leughadh (15-39 mion) agus an uair sin bruidhinn mu deidhinn ann an dithisean no buidhnean.
Stiùir na sgoilearan tron ‘Dàn-thuras’ (1-3 leasain). Mar phròiseact, dh’fhaodadh tu iarraidh orra cuspair sònraichte a thaisbeanadh mar phostair, mar eisimpleir, dè tha ann am bacadh an aghaidh anti-biotaigean, no mar a tha banachdaich ag obair.
Do chlann nas òige, luchdaich a-nuas agus priont na duilleagan cur dath air bacteria.
Cuidich na sgoilearan gus deuchainn a dhèanamh bhon taghadh de phròtacalan (1-3 leasain), mar eisimpleir, na pleitichean agar aca fhèin ullachadh agus iad fhèin no an àrainneachd a suabadh. Mar phàirt dheth, dh’fhaodadh iad na toraidhean a thaisbeanadh don chlas agus/no an co-roinn le sgioba Superbugs.
Leig leis na sgoilearan cluich mar a thogras iad leis na geamannan. Tha co-theacsa saidheansail aca uile ach chan fheum na sgoilearan tuigse dhomhainn air an t-saidheans fhèin.
Mar phàirt de latha dhreuchdan no de leasan saidheans, seall an duilleag ‘Nad Neach-saidheans’ do na sgoilearan. Faodaidh iad na diofar dhreuchdan aig daoine a tha ag obair ann an saidheans a rannsachadh, agus na bhrosnaich iad gus na dreuchdan sin a thaghadh. Faodar seanail beò a chur air dòigh aig tachartasan sònraichte far an coinnich sgoilearan ri luchd-saidheans airson taisbeanaidhean beò, tursan tro dheuchainn-lannan agus seiseanan Q&A.
Cuir fios thugainn
superbugs@caerdydd.ac.uk