Streptococcus pneumoniae

Cealla bacterialach a tha cruinn mar bhàla.

Chan eil a’ mhòr-chuid de bhacteria beò nan aonar; bidh iad a’ cruinneachadh ann am fear de na cruthan a chì thu air an làrach-lìn seo – ann am pàidhrichean (diplococcus), ann an ceithirean (tetradan), badan no sreathan.

Bidh Streptococcus pneumoniae tric a’ fàs gu nàdarra nar bodhaig gun cron sam bith a dhèanamh oirnn — canaidh sinn bacterium coimeansail ri seo. Tha e beò fada a-staigh ann an còs na sròine

ACH bidh Streptococcus pneumoniae a’ gabhail a’ chothroim galar adhbharachadh ann an daoine nach eil gu math mu thràth. Fàsaidh e an uair sin sna pìoban èadhair agus nì e milleadh air na sgamhanan le galar ris an can sinn ‘pneumonia’ (galar sgamhain). 🤒

San RA, o 2010 a-mach, tha clann gu lèir a’ faighinn banachdach an aghaidh Streptococcus pneumoniae.