Ball-bodhaig: Craiceann agus stuth-bog

Galarachadh: Tha gearradh/sgrìobadh a’ leigeil le bacteria a tha a’ fàs air a’ chraiceann faighinn a-steach gu na fillidhean nas doimhne agus tha iad ag adhbharachadh galarachadh. Faodaidh an galarachadh a bhith eu-domhainn ach ann an droch chùisean faodaidh e necrotising fasciitis (ithe a’ chraicinn) adhbharachadh.

Comharran: Galarachadh nach eil dona = tachas, craiceann ruadh, at, pian. Necrotising fasciitis = droch phian, teòthachd àrd, at, dìobhairt, patan dubha fon chraiceann a thèid nam builgeanan.

Bacteria:

  • Staphylococcus aureus

  • Streptococcus pyogenes