Fungi

Eu-coltach ri bacteria agus bhìorasan, tha barrachd is aon chealla ann am fungi. Air sgàth seo, tha cuid de fhungi air am meas nam micro-fhàs-bheairtean, agus tha cuid nach eil.

Tha fungi neònach oir ’s urrainn dhaibh an cruth atharrachadh a rèir na h-àrainneachd agus na teòthachd. Faodaidh cuid galarachadh adhbharachadh, ach tha àite cudromach aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am briseadh sìos agus ann an ath-chuartachadh mathachais agus mhèinnirean san àrainneachd.

Bidh sinn a’ cleachdadh fungi airson mòran rudan, agus nam measg, mar bheirm airson aran, lionn agus taois piotsa a dhèanamh! Chaidh na h-anti-biotaigean a bhios sinn a’ cleachdadh an-diugh a lorg an toiseach ’s iad air an dèanamh le fungi!